Back

Bràigh Àird Àsaig

Lyrics:

Ochòin, a chiallain, nach mis' tha cianail
nach robh mi thall ann an gleanntan m' òige,
far an d' fhuair mi m' àrach 's mi na mo phàiste
am bràigh Àird Àsaig fo sgàil na mòrbheann.

An sùilean m' inntinn tha 'n dealbh cho cinnteach
's ged bhithinn sìnt' ann an Rubh' na Mònadh -
chì mi Iosaigh na laighe rìomhach
's a' mhuir a' dìreadh na mhill sa Ghlòraig.

Mo shùil rim ghualainn, tha cruinn mun cuairt dhomh
na beanntan uaine lem bruaichean còinnich,
an Tarcla ghruamach, 's an Cliseam uasal
ag èirigh suas ann gu snuadhmhòr bòidheach.

Air mo chùlaibh tha beinn mo ghaoil-sa
far 'n tric a lùb mi mo ghlùn rim òige,
Geileabhal ghuanach nan tulach uaine -
mo dhùrachd buan leat, a luaidh nam mòrbheann.

Na mo bhruadar gur tric mi gluasad
air feadh do bhruaichean 's do chluaintean bòidheach
lem chuilean ruadhghlas a' leum gun uallach,
's bu mhòr mo ghruaimean mur biodh e còmh' rium.

Sa mhadainn Chèitein air feadh do shlèibhtean
a' tional sprèidheadh bu mhòr mo shòlas -
cha bhiodh gruaimean tighinn beò dhomh 'n uair sin
is m' inntinn fuasgailt' a' ruagadh mhòinteach.

O 's tric leam àmhghar an cois mo bhàrdachd,
's cha dèan mi àicheadh nach fhàs mi brònach -
thig dealt gum shùilean, chan eil siud ùr dhomh,
's nach fhaod mi stiùireadh gu dùthaich m' òige.

Gu Cùl na h-Àirde nì m' inntinn tàladh,
ge b' e àite sam bidh mi seòladh-
an-diugh 's a-màireach 's gu faigh am bàs mi
bidh m' inntinn cràiteach bhon dh'fhàg mi òg e.

A-nis, a chàirdean mo ghaoil a dh'fhàg mi,
mo shoraidh slàn leibh nur n-àite-còmhnaidh,
san eilean àlainn rinn m' altram sàbhailt'
's nach dèan mi àicheadh fad 's dh'fhàgar beò mi.