Back

Bràigh Rùsgaich

Lyrics:

Ged is socrach mo leabaidh
Chan e 'n cadal tha shùrd orm.

B' anns' bhith suaint' ann am breacan
Ann an glacaigean Rùsgaich.

Sèist

Horo hù bhinn ho rò
Hò ro hù bhinn ò
Horo bhi, horo bhi
Horo hù bhinn ho rò.

Far am minig a bha mi
Iomadh là air bheag cùram.

'S bhiodh mo ghunna fom achlais
Cumail fasgadh bhon driùchd oirr'.

'S air thruimead na fraise
'S i gun lasadh am fùdar.

'S cha b' e glagraich na sràidean
A b' àbhaist mo dhùsgadh.

'S cha b' e clag nan còig uairean
A bhiodh nam chluasan a' dùsgadh.

Ach an ceilear bu bhòidhche
Bh' aig na h-eòin am Bràigh Rùsgaich.

Bhiodh a' chuthag air chreagan,
'S i toirt freagairt don smùdan.

'S bhiodh an smeòrach gu h-àrd ann
'S i air bhàrr nam bad dù'-ghorm.

Agus Robin gu h-ìosal
Ann an iochdar nan dlù-phreas.

Anns na meanganan bòidheach
'S damh na cròice gan rùsgadh.

Nuair thig oidhch' Fhèill an Ròid oirnn
Leam bu bhòidheach a bhùilich.

Cha b' e fàileadh nan cladhan
A gheibhte 'n doire mo rùin-sa.

Ach trom fhàileadh na meala
Dheth na meanganan ùra.

'S cò is urrainn a ràidhte
Nach bi mi fhathast an Rùsgaich.