Back
Breacan Màiri Ùisdein
Lyrics:
Sèist
Am breacan bòidheach, fasanta,
Nach fhaighear anns an bùithean -
Tha geal is gorm is sgàrlaid
Ann am breacan Màiri Ùisdein.
Ged tha mo ghuth air fàilneachadh
'S cho fad' on dh'fhàg mi 'n dùthaich
Gun cuir mi rann sa Ghàidhlig dhuibh
Air breacan Màiri Ùisdein.
Nuair bha mi ris a' bhuachailleachd
Air lòin is cluain mo dhùthcha,
Bhiodh brat a' cumail blàiths orm
De bhreacan Màiri Ùisdein.
Cuiribh onair air na h-àrmainn
Anns na blàir a choisinn cliù dhuibh,
'S biodh fèile 'S osain gheàrr agaibh
De bhreacan Màiri Ùisdein.