Bruthaichean Ghlinn Braoin
Lyrics:
Beir mo shoraidh le dùrachd do rìbhinn nan dlùth-chiabh
Ris an tric bha mi sùgradh ann am bruthaichean Ghlinn Braoin.
Gur e mise tha gu cianail 's mi cho fada uat am bliadhna;
Tha leann-dubh air mo shiaradh 's mi ri iargain do ghaoil.
Chan fhaod mi bhi subhach, gur e 's beus dhomh bhith dubhach,
Cha dìrich mi bruthach, chaidh mo shiubhal an lughad.
Chaidh m' astar am maillead bho nach fhaic mi mo leannan;
'S ann a chleachd mi bhi mar riut ann an gleannan a' chaoil.
Anns a' choill' am bi 'n smùdan 's e gu binn a' seinn ciùil duinn,
Cuach is smeòrach gar dùsgadh, cur na smùid diubh le faoilt'.
'S tric a bha mi 's tu mireadh agus càch gar sìreadh,
Gus 'm bu deònach leinn tilleadh gu innis nan laogh.
Sinn air fàireadh na tulaich 's mo làmh thar do mhuineil,
Sinn ag èisteachd nan luinneag, bhiodh am mullach nan craobh.
Gur mis' tha sa champar, 's mi fo chìs anns an àm seo,
Ann am prìosan na Frainge fo ainneart gach aoin.
Cha b' ionnan siud agus m' àbhaist a' siubhal nam fàsach,
'S a' dìreadh nan àrd-bheann gabhail fàth air na laoich.