Back

Cadal Cuain

Lyrics:

Moch sa mhadainn 's mi ag èirigh
Cha bu lèir dhomh trom dheòir;
Cha robh claisneachd nam chluasan
'S bha mo smuaintean nan ceò;
Bha mise ann am bruaillean
Bhon a fhuair mi bun sgeòil
A bhith cluinntinn nach buan thu
Ach sa chuan fhuar mhòr.

Gur an-sheasgair san fheasgar
Leab' an fhleasgaich a dh'fhalbh,
'S i a chluasag bha fuaraidh
'S plaide bhuan fheamainn dhearg
Suainte mun cuairt air
Fear bu dualach bhith garg;
Fear bu shuaicheanta uasal
Nise fuar an neul marbh.

Tha do ghruag a bha cuachach
Na tuainealan fliuch,
'N fhaochag bheag na do chluasan,
Sùil an uaill 's i gun phioc;
Beul na fìrinn bha uaibhreach
Air a bhuain aig na bric,
'S thusa thruaghain gun ghluasad
'M bun a' chuain fo do lic.

Gur a coimheach is grànda
Muir bhàn os do chionn,
I a' beucail 's a' bàrcadh
Is tu bàthte na grunnd;
Bha uair eile dhà sin
Nuair b' e tàladh mo rùin
Bilean milis ri màran
An leaba bhlàth 's mi rid thaobh.

Nis do sheòmar gun dòigh air,
Snidhe dòrtadh gu làr;
Cha b' e sin nì a b' eòl dhut
Ach do sheòmar bhith blàth;
Braidseal mòr teine mòna
A' cròiceadh bhon fhàd
Ach a-nochd 's iad na ròin
Tha nad chòmhlan-sa ghràidh.