Back
Cagaran Gaolach
Lyrics:
Sèist
Cagaran, cagaran, cagaran gaolach,
Cagaran foghainteach, fear de mo dhaoine,
Goididh e gobhair dhomh, goididh e caoraich,
Goididh e capall is mart o na raointean.
Dèan an cadalan 's dùin do shùilean,
Dèan an cadalan beag na mo sgùrdaich;
Rinn thu an cadalan, 's dhùin do shùilean,
Rinn thu an cadalan, slàn gun dùisg thu!
Thuit e na chadalan, thuit e na shuainean,
Caithrisidh ainglean gu càirdeil mun cuairt dha;
Cluinnidh e an guthan a' cagar na chluasan,
'S bidh fiamh gàire air gràdhan na bhruadar!