Back
Caidil gu Lò
Lyrics:
Sèist
O ho ro ì ri ri, caidil gu lò,
O ho ro ì ri ri, caidil gu lò.
'S e m' eudail an cùirtear
Dhèanadh mire agus sùgradh;
'S e m' eudail an cùirtear
Don dùraiginn pòg.
'S e m' eudail am fleasgach
Ghabh air falbh air an fheasgar;
O, tha mi fo bhreislich
Ma sheasas an ceò.
Le bhonaid, 's le bhreacan,
Le osain, 's le ghartain;
Tha e maiseach na phearsa,
Is gaisgeil na dhòigh.