Caidil gu Sunndach
Lyrics:
Caidil gu sunndach mo chìocharan,
Caidil gu sunndach mo ghràdh,
Caidil gu madainn le socair,
Na mosgladh do shùil gu latha;
Is mise lem chridhe fo iargain,
'S mo smaointean gur trom gach tràth,
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
'N till d' athair a-rìs bhon bhlàr.
Bidh thusa ad chadal gun smuairein,
Bidh thusa ad chadal gun phràmh,
Bidh mise le mulad is iomagain,
Gam shàrachadh fhèin a ghnàth;
Cha dèanar mo leigheas le h-ìocshlàint
Is cungaidh cha dèan bonn-stàth;
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
'N till d' athair a-rìs bhon bhlàr.
Tha 'n trombaid a-nis air a sèideadh,
'S am blàr air a chur a bha dian,
'S tha naidheachd an dèidh tighinn am ionnsaigh
A dh'aiseigeas dhomh mo chiall;
Tron chath chaidh d' athair gu treubhach
Is nàimhdean cha d' fhuair am miann;
'S mi cinnteach gun till, cinnteach gun till,
Gun till d' athair a-rìs bhon bhlàr.