Lyrics:
Sèist
Tha mi fo leòn, fo bhròn 's mi fada bhom rùn;
Tha mi fo leòn, fo bhròn 's mi fada bhom rùn;
'S mòr m' eagal gach uair nach buannaich mise do ghaol,
A chailin 'n fhuilt bhàin a dh'fhàg mi 'n Eilean an Fhraoich.
A' fàgail Chluaidh Diluain bu mhuladach mi
Air bàta na smùid bu trom bha m' osna 's mo shùil,
'S mo smuain air an oidhch' mun dh'fhàg mi Eilean an Fhraoich
'S air cailin 'n fhuilt bhàin an t-àille dh'fhàg mi air chùl.
Nuair dh'fhosgail gach ròp' 's a sheòl i a-mach bhon a' chidh',
Bha poidhleat air bòrd toirt cùrs' do dh'fhear bh' air an stiùir;
Bha mise fo leòn cur cùl ri cuideachd na tìr
'S ri cailin 'n fhuilt bhàin a dh'fhàg mi 'n Eilean an Fhraoich.
Tha 'n oidhche nochd fuar, a luaidh, gur fada bhuat mi
'S nach lèir dhomh a' chùrs' le smùid na mara fom shùil,
Tha beanntan den fhairge 'g èirigh orm air gach taobh
'S mo smuain air 'n tè bhàn a dh'fhàg mi 'n eilean mo ghaoil.
Is iomadh ceum guanach, suaimhneach ghabh mi leat sràid,
Bhith coiseachd rid ghualainn, luaidh, bu mhath leam bhith 'n-drast'
Bhith 'g èisteachd rid chòmhradh ceòlmhor, carthannach, tlàth
Nuair bha mi glè òg 's mi 'n tòir air cailin 'n fhuilt bhàin.
Thig fhathast an uair, a luaidh, ma bhios sinn slàn
A thrèigeas mi 'n cuan 's an Leòdhas gabhaidh mi tàmh;
'S gach deuchainn 's gach bròn 's gach dòrainn bh' agam bhon dh'fhàg
Gun cuir mi air chùl, a rùin, nuair gheibh mi do làmh.