Cailleach Liath Ratharsaigh / Bodaich Na H-Odh'
Lyrics:
Sèist
Cailleach liath Rathasaigh
Na ceudan a tathaich oirr',
Cailleach liath Rathasaigh
Is cailleach reamhar Rònaigh.
Cailleach liath Rathasaigh
Na ceudan a tathaich oirr',
Cailleach liath Rathasaigh
Is cailleach reamhar Rònaigh.
Cailleach dhubh nan cudaigean
'S ioma gin a shluig thu dhiu,
Cailleach dhubh nan cudaigean
Is cailleach luideach Rònaigh.
Cailleach dhubh nan cudaigean
'S ioma gin a shluig thu dhiù,
Cailleach dhubh nan cudaigean
Is cailleach luideach Rònaigh.
Cailleach liath Shligeachain
A bhèist tha mo phriobaid oirr',
Cailleach liath Shligeachain
'S cailleach chliobach mhòr i.
Cailleach liath Shligeachain
A bhèist tha mo phriobaid oirr',
Cailleach liath Shligeachain
'S cailleach chliobach mhòr i.
Sèist
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
mireadh an Ìle còmhla rium,
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
an Ìle far am bi beadaradh.
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
Bha bodaich na h-Odh' is cailleachan Ìdh'
an Ìle far am bi beadaradh.
Sireadh an nì, sireadh an nì,
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
Sireadh an nì, sireadh an nì,
Far am bi, far am bi beadaradh.
Sireadh an nì, sireadh an nì,
sireadh an nì rinn Seònaid dhomh,
A' chabhraidh, chabhraidh bhòidheach mhìn
Rinn Sìne, caile bheag Sheònaid dhomh.