Back
Cainnt Mo Mhàthair, Gàidhlig Bharraigh
Lyrics:
Soraidh bhuam thar chuan is beannaibh
Chun an àit' is àille sealladh
Far 'n do dh'ionnsaich mi nam phàiste
Cainnt mo mhàthair Gàidhlig Bharraigh.
Gura tric a bhios mi smaointinn
Nuair a bha mi òg 's mi faoin
Buain nan ròsan mach san aonach
Ris na caoraich taobh na gleannan.
'N tìm an earraich bidh gach iasgair
Mach le bàtaichean san iar ann
Siud an sealladh leam bu bhrèagha
'N àm nan lìon a bhith gan tarraing.
'N tìm a' gheamhraidh, leam bu shunndach
Bhith measg nan òigearan bannda
Bhiodh òl ann 's ceòl is dannsa
'S dram cha bhiodh oirnn gann mu Nollaig.
Ach nam bithinn pailt de stòras
Rud nach bi cho fad 's is beò mi
Siud an tìr san dèanainn còmhnaidh
Far an d' fhuair mi òg am bainne.