Back

Cairistìona Chaimbeul / A Chur Nan Gobhar Às A' Chreig

Lyrics:

Sèist

Tha i tighinn air an rathad,
Cairistìona Chaimbeul,
Tha i tighinn air an rathad,
Cairistìona Chaimbeul,
Tha i tighinn air an rathad,
Cairistìona Chaimbeul,
Cairistiona, Ciorstaidh Anna,
Cairistìona Chaimbeul.

Tha i bòidheach 's tha i laghach,
Cairistìona Chaimbeul,
Tha i bòidheach 's tha i laghach,
Cairistìona Chaimbeul,
Tha i bòidheach 's tha i laghach,
Cairistìona Chaimbeul,
'S cuimir dìreach anns an ruidhle i,
's cinnteach anns andanns i.

'S math leinn i bhith tighinn dhan bhaile,
Cairistìona Chaimbeul,
'S math leinn i bhith tighinn dhan bhaile,
Cairistìona Chaimbeul,
'S math leinn i bhith tighinn dhan bhaile,
Cairistìona Chaimbeul,
Nì sinn cèilidh a bhios èibhinn,
'S bidh i fhèin toirt rann dhuinn.

Gu cur nan gobhar às a' chreig,
'S e an fhèileadh-beag bu docha leam;
Gu cur nan gobhar às a' chreig,
'S e an fhèileadh-beag a b' fheàrr leam.
Gu cur nan gobhar às a' chreig,
'S e an fhèileadh-beag bu docha leam;
Gu cur nan gobhar às a' chreig,
'S e an fhèileadh-beag a b' fheàrr leam.

Sèist
/
Chorus

'S e an fhèileadh, 's e an fhèileadh,

Nam faighinn-sa mo roghainn
Gur h-e an fhèileadh-beag bu docha leam,
Nam faighinn-sa mo roghainn
Gur h-e an fhèileadh-beag a b' fheàrr leam.
Nam faighinn-sa mo roghainn
Gur h-e an fhèileadh-beag bu docha leam,
Nam faighinn-sa mo roghainn
Gur h-e an fhèileadh-beag a b' fheàrr leam.