Caisteal a' Ghlinne
Lyrics:
Chuir iad an Caisteal a' Ghlinne mi
'S an t-seòmar ìosal cho fuar;
Chàraich iad mis' ann am prìosan
'S an fhìrinn agam ga luaidh;
Creideas chan fhaighinn no èisteachd
Don sgeul a dh'fhàg mi fo ghruaim;
'S ged nì iad mise a cheusadh,
Chan èirich thus' às an uaigh.
Cadal cha tig air mo shùilean,
'S gur tùrsach m' aigne gach là
Cuimhneachadh maise mo rùin-sa
'S a gnùis bha coibhneil a ghnàth;
Cridhe bha blàth agus mùirneach
Seinn ciùil mar uiseag sna neòil,
'S truagh nach robh sinne le chèile
'S mi 'g èisteachd brìodal a beòil.
Thusa cha tig ann am ionnsaigh
'S cha dùisg thu à cadal a' bhàis;
Ach tachraidh mise rim ùidh-sa
An dùthaich bheannaicht' an àigh,
Mo leannan bheir maitheanas dhomh-sa
Ged leòn mi ise gu bàs,
Crìoch cha tig air ar sòlas,
Is bròn cha chluinnear gu bràth.