Back
Càlum Crùbach as a’ Ghleann
Lyrics:
Calum Crùbach sa ghleann
Cùm thall na caoraich agad
Chaluim Crùbaich anns a' ghleann
Nach cùm thu thall na caoraich.
Cùm thall 's na leig a-nall
Cùm thall 's na leig a-nall
Cùm thall 's na leig a-nall
Nach cùm thu thall na caoraich.
Calum Crùbach sa ghleann
Cùm thall na caoraich agad
Chaluim Crùbaich anns a' ghleann
Nach cùm thu thall na caoraich.
Ged a tha thu le do shùil cham
Chì thu leis an t-sùil a th' agad
Ged a tha thu le do shùil cham
Chì thu leis an t-aon shùil.
Calum Crùbach sa ghleann
Cùm thall na caoraich agad
Chaluim Crùbaich anns a' ghleann
Nach cùm thu thall na caoraich.