Camanachd Ghlaschu
Lyrics:
S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd;
'S i seo a' Bhliadhn' Ùr thug sòlas duinn;
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd.
'S iad gillean mo ghràidh
Tha 'n Glaschu nan sràid –
Is fhada bho àit' an eòlais iad.
'S ann goirid ron Challainn
A chruinnich an comann,
'S a chuireadh an iomain an òrdugh leoth'.
Nuair thàinig an t-àm,
Gun chruinnich na suinn,
'S bha caman an làimh gach òigeir dhiubh.
Aig aon uair deug
A rinn iad an triall,
Le pìob, 's bu bhrèagh' an còmhlan iad.
Nuair ràinig na sàir
Gu ionad a' bhlàir,
Gun chuireadh gun dàil an òrdugh iad.
Bha glainneachan làn
Dhen Tòiseachd a b'fheàrr,
Is aran is caise còmhla ris.
Bha bonnaich gun taing
Is pailteas dhiubh ann,
'S clann-nighean nan gleann gan còcaireachd.
Nuair roinneadh na laoich
'S a ghabh iad an taoibh,
Bha mis' air an raon toirt còmhdhail dhaibh.
'S e 'n sealladh as brèagh'
A chunnaic mi riamh,
Gach òigfhear gun ghiamh, 's a chòta dheth.
Gach fleasgach gun mheang
'S a chaman na làimh,
'S a chnapag le srann ga fògar leo.
Bha cuid dhiubh cho luath
Ri fèidh air an ruaig,
'S cha chluinnt' ach "A-suas i, Dhòmhnaill" leoth'.
'S ann ann a bha 'n ealain
Le glagadaich chaman,
'S gach curaidh cur fallais is ceòthain deth.
Bha duine gun chearb
Le siosacot dearg
'S cha bhiodh am boc-earba còmhla ris.
Fear eile gun ghiamh
'S a chiabhagan liath,
Chuir "taigh" i bhàrr fiacail mòran diubh.
'S e duine gun tùr
Nach faiceadh le shùil
Gu robh iad bho thùs an òige ris.
Nuair chuireadh am blàr
Gun choisich na sàir
Le pìob gu Sràid an Dòchais leoth'.
Suidhibh, a chlann,
Is gabhaidh sinn rann
Gun cuirear an dram an òrdugh dhuibh.
Gun dhealaich na suinn
Mar thàinig iad cruinn
Len cridheachan coibhneil, 's b' òrdail iad.