Caoidh nam Fear Treun
Lyrics:
Tha Leòdhas 's na Hearadh, tha Ile is Muile
Tiriodh agus Uibhist a deas agus Tuath;
'S tha Eilean a' Cheò agus bailtean na mòr-thìr
Ri caoidh nam fear òga rinn seòladh thar chuan.
Gach sgìr' anns gach eilean, 's gach baile th' air leth ann
Tha caoidh agus tuireadh, tha mulad is bròn;
Ri caoidh na fir thapaidh a thuit anns a' bhatal
'S iad fada bhon dachaigh air talamh na Roinn-Eòrp'.
Tha tonnan na mara ag èirigh le cabhaig
A' bualadh 's a' sgaladh mu charraigean bàn;
A' bualadh gun anail a dh' oidhche 's a latha
Ri caoidh na fir chalm' thug an fhairge gu làr.
Gach allt agus sruthan ag èirigh 's a' tuiteam
Gabhail an turas ri siubhal don chuan;
Ag osnaich ri chèile thar mhonaidhean 's slèibhtean
A' caoidh na fir threun a rinn leum air am bruaich.
Tha sinn aig a' bhaile ri 'g ionndrainn nam balach
Dh'fhalbh iad le cabhaig bho dheas is bho thuath;
'S tha clachan nan staran is leacan na starsaich
Ri 'g ionndrainn nan casan a dèanamh orr' fuaim.
Gach flùran sa mhachair thig fàs orr' as t-earrach
Ged a tha iad nan cadal an achlais nam bruaich;
Thig samhradh 's thig earrach, cha till iad siud dhachaigh
Na h-òigearan tapaidh sa bhatal thug suas.