Back

Caol Muile

Lyrics:

Ged a shiubhail mi cian, b' e Caol Muile mo mhiann,
Cha d' èirich a' ghrian air nas bòidhche;
B' e siud caol mo ghràidh don tug mise bàidh
O làithean mo leanabais is m' òige.

O b' àlainn leam riamh an caol ud ri fèath
'S e ag iadhadh mu bhuinn nam beann mòr;
Chìte beanntannan àrd', is coilltean fon sgàil
Nan àilleachd 's an gàthan bha fòdhp'.

On bhìrlinn gun tàmh, chluinnte faram nan ràmh,
Na h-iorraim 's na dàin aig na seòid;
'S nuair a chasadh a' ghaoth, sin chìte na laoich
Le saod cur nan luingeas fo sheòl.

Ach tha an caol seo mar bha, is mar bhios a-ghnàth,
A' lìonadh 's a' tràghadh gach latha,
Fo dhoininn 's fo fhèath, mar mu seach bha e riamh;
Bidh àilleachd 's gach ial ro-mhòr.

Ach air dà thaobh a' chaoil, càite an-diugh bheil na daoine,
Càite comann mo ghaoil agus m' òige?
Tha mo chaoimh-sa nan suain fo na tulaichean uaine
Far nach cluinnear gàire cuain nas mò.

O b' àlainn leam riamh an caol ud ri fèath,
'S e ag iadhadh mu ìochdar nam beann;
An siud chì mise uam mòr luingeis a' chuain
Nan cadal gu suain air na tuinn.

Nuair bhios mòr-shluagh an t-saoghail air crìonadh le aois,
Cha bhith 'n caol ach an trèine na h-òige;
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
'S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.

O slàn leat, a chaoil, don tug mise mo ghaol,
Slàn leat, fhad 's tha an saoghal na shaoghal;
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
'S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.