Back
Càrn Air A' Mhonadh
Lyrics:
Togaibh an t-Arannach 's fàgamaid Ìle,
Togaibh on talamh e, Aonghas, mo ghràdh-sa,
Togaibh an t-Arannach 's leigibh a sìos e,
Arainn 's an t-sealladh dhuinn, togaibh an càrn!
Togaibh an carragh, gach caraid is dìleas,
Togaibh an carragh air mullach Bheinn Bhàin,
Togaibh an carragh air talamh nan Ìleach,
Arainn 's an t-sealladh dhuinn, togaibh an càrn.
Coma leibh caisealan astair a' ghiùlain,
Coma leibh allaban mhonadh is chòir.
Togaibh gu h-ealamh on talamh an diùlach
'S dhachaigh do dh'Arainn thoiribh an sàr.
Dhachaigh do dh'Arainn, o dèanaibh a ghiùlan,
Esan bha airidh air cliù anns a' bhlàr;
Ruigibh an cala is greasaibh an iùbhrach,
'S rachadh i thairis le Aonghas, mo ghràdh.