Cath Gairidheach
Lyrics:
Gur bòidheach nan èideadh Clann Dòmhnaill nan Eileanan
'N àrfhaich nan treun-fhear no tilleadh on chòmhstri;
'S aotrom an ceum 's iad an aonachd gun eiseamail
'N dèidh a bhith leidireadh Clanna nan Gall.
B' e Morair Bhràigh Mhàirr bha gu mòralach, ceannasach
'S lìonmhorachd Ghoill ri a thaobh anns a' chòmhraig;
Barantas sgrìobht' aig bhon rìgh chum ar teannachadh,
'S dh'fheuch dhuinn aig Gairidheach ealain nan lann.
Sèist
Togaibh i, bratach gun ghealtachd gun tiomachadh,
Bratach a chleachd tùs an fheachd 's a' bhuaidh-làraich,
Bratach tha cuannmhor le suaicheantas cinneadail,
Bradan is leòmhann, an long 's an làmh-dhearg.
Na Dubh-Ghoill bha stràiceil len dùdaichean caithreamach
Dhùisg iad Mac Talla le faram an luath-ghàir';
Shaoil leo le stàirn an uchd-aodaichean lainnireach
Fuath 's chuir air gaisgich nach gealtach san t-strì.
Ach sheas sinn an làrach "a dh'aindeoin cò theireadh e"
Chuir orra tàmailt le cleasachd nan cruaidh-lann
Thug sinn droch caramh dan eachraidh, ge b' eireachdail
'S dhearbh a bhith seasmhach "air muir is air tìr".
Ge lìonmhor an sreathan gun dith air an reangairean
Saighdean an taifeid is lannan gun chearb' ac'
Ceannardan sgeilear chaidh theagasg len seanairean
'S uidheam gun mhearachd cur dreach air gach aon.
Nuair chuala sinn nuallan na pìoba air thoiseach oirnn
Bàrdachd gar brosnachadh 's cruit a' toirt cliù dhuinn
Thog sinn àrd-iolach chuir frionas air coileannaich
'S dh'fhàg sinn an closaichean ciùirrte san fhraoch.
Nuair ghleusar a' phìob ann an èisteachd nan curaidhean
'S treubhach 's na buillean bhios gillean an fhèilidh;
Feuch ri àm sìth iad gu sìobhalta furanach
Sùgradh an cuideachd nan cruinneagan donn.
Gur tric bho an linn sin air nàimhdean nan Sasannach,
Bhuadhaich na Gàidheil sa chruaidh-chàs nach gèilleadh,
'S fhuair iad 's gach àite le truacantachd 's carthanntachd
Cliù a bhios maireann, is beannachd na cheann.