Back

Cathair A' Chùl-Chinn

Lyrics:

Sèist

Cathair a' Chùl-chinn, 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Cathair a' Chùl-chinn, 's i cho boidheach,
'S minic a bha sinn cruinn, 's ri cleasachd air a druim,
No 'm falach anns na tuill 's na cùirn mhòra.

Bu chiatach leam an innis i, 's mi cuallach a' chruidh dhruim-fhin oirr',
'S mun cuairt oirnn na laoigh mhireagach,
Cha bhiodh ann feum air lòn, air boineid no air bròig,
Air Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach.

Cathair a' Chùl-chinn 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach,
Na caileagan a' seinn, 's a' bleoghann a' chruidh-laoigh,
'S an ceilearadh cho binn ris na smeòraich.

Bu bhòidheach leam sa mhadainn i, is dealt na h-oidhche mar fhaluinn oirr',
'S na h-uiseagan an caithream rith, nam biodh mo spiorad trom,
Co ghleusadh mi gu fonn, ach Cathair a' Chùl-chinn, 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Ach Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach.

Cathair a' Chùl-chinn 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach,
Tha corruich, corruich air a' chuan,
'S i giomanadh nan stuadh sìos gu Cròna.

Tha chulaidh chaol a' fiaradh chun na h-acarsaid, is iomadh taom tha frasadh oirr',
Ach thigeadh stoirm no sìon, bios fasgadh agus dion,
Air Cathair a' Chùl-chinn 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Air Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach.