Cead Deireannach nam Beann
Lyrics:
Bha mi 'n-dè 'm Beinn Dòbhrain
'S na còir cha robh mi aineolach;
Chunna mi na gleanntan
'S na beanntaichean a b' aithne dhomh:
B' e sin an sealladh èibhinn
Bhith 'g imeachd air na slèibhtean,
Nuair bhiodh a' ghrian ag èirigh
'S a bhiodh na fèidh a' langanaich.
Is togarrach a dh'fhalbhainn
Gu sealgaireachd nam bealaichean,
Dol moch a dhìreadh garbhlaich
'S gum b' anmoch tighinn gu baile mi:
An t-uisge glan 's am fàile
Th' air mullach nam beann àrda,
Chuidich e gu fàs mi,
'S e rinn dhomh slàint' is fallaineachd.
Fhuair mi greis dem àrach
Air àirighean a b' aithne dhomh,
Ri cluiche, 's mire 's mànran
'S bhith 'n coibhneas blàth nan caileagan:
Bu chùis an aghaidh nàdair
Gum maireadh sin an-dràst' ann,
'S e b' èiginn bhith gam fàgail
Nuair thàinig tràth dhuinn dealachadh.
Ged tha mo cheann air liathadh
'S mo chiabhagan air tanachadh,
Is tric a leig mi mial-chù
Ri fear fiadhaich, ceannardach;
Ged bu toil leam riamh iad,
'S ged fhaicinn air an t-sliabh iad,
Cha tèid mi nis gan iarraidh
On chaill mi trian na h-analach.
Mo shoraidh leis na frìthean,
O 's mìorbhaileach na beannan iad,
Le biolair uaine 's fìor-uisg',
Deoch uasal rìomhach cheanalta;
Na blàran a tha prìseil,
Na fàsaichean tha lìonmhor,
O 's ait a leig mi dhiom iad,
Gu bràth mo mhìle beannachd leo.