Back

Cearcall a' Chuain

Lyrics:

Tha sinn uile air cuan
Stiùireadh cuairt tro ar beatha
A' seòladh geòla dhorch
Air chall an grèim na mara.
Tha a' ghaoth air ar cùl
Tha a' gheòla a' cumail roimhe
'S cha dèan uair no an cuan
Toinisg dhuinn no rian.

A' mhuir, tha i ciùin
Tha i fiadhaich, tha i farsainn
Tha i àlainn, tha i dìomhair
Tha i gamhlasach is domhainn.
O, ach sinn, tha sinn dall
'S chan eil againn ach beatha
Tog an seòl, tog an ràmh
Gus am faigh sinn astar ann.

Ach tha mi an dùil, tha mi an dùil
Nuair a bhios a' ghrian dol fodha
Chì iad mi a' stiùireadh an iar
Null a dh'Uibhist air a' chearcall.
Cearcall a' chuain
Gu bràth bidh i a' tionndadh
Leam gu machair geal an iar
Far an do thòisich an latha.