Back

Ceud Furan 's Ceud Fàilte

Lyrics:

Ceud furan is ceud fàilte
Bhuamsa, Mhàiri gus t'fhaicinn,
Gu bean a' chùil fhàisnich
Is nam blàth shùilean maiseach;
Gura math a thig gùn dhut
Air tigh'nn ùr as an fhasan,
'S gura math a thig brèid dhut
Latha fèille sa chlachan.
Nighean oighre Srath Shuardail,
Dham bu dual a bhith beairteach,
Gura minig a bha sinn
Muigh air àirigh le martaibh
Ann an lagan beag riabhach
Mharbhte fiadh is laogh breac ann,
'S coileach dubh air bhàrr gèige
Greis mun èireadh an dealta.