Back
Cha Chaidil, Cha Chaidil
Lyrics:
Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil 's cha tàmh,
Gus am faigh mi mo leannan
Ann an glaicibh mo làimh.
'S i seo a' bhliadhna chuir às dhomh
'S a sgiol am falt bhàrr mo chinn,
'S a' chuid a dh'fhan dheth air glasadh
'S a' falbh na shad leis a' ghaoith.
Nam biodh tu air mise phòsadh
Cha bhiodh do stòras cho gann;
Bhiodh do chruachan coirc' is eòrna
'S do chrodh air mhòintich sa ghleann.
Bha do ghruaidhean mar na caorann,
Mar shlios na faoileig air sàl -
Ach 's mairg a-riamh a thug gaol
Do thè nach fhaodadh thoirt dha.
Chan eil nì ni bonn feum dhomh
Fon ghrèin ach aon nì -
'S e gu faicinn mo chiad ghaol
'S mi call mo chèile ga caoidh.