Cha Mhol Mi Fhèin an t-Saighdearachd
Lyrics:
S cha mhol mi fhìn an t-saighdearachd
Cha d' fhuair mi coibhneil i;
'S gu dearbh cha dèanainn soighnigeadh
Ged gheibhinn oighreachd rìgh.
Ri doublaigeadh 's a' meàrdsaigeadh
Mo chnàmhan gort le sgìths,
'S gun truas aig màidsear Parlan rium
'S ann ris tha m' àrach fhìn.
'S tha cuimhn agam aon uair
Is sinn cruinn ann a' Fort George
Bha bhiodag air mo shide agam
'S a' rifle na mo dhòrn.
'S e 'n t-seacaid dhearg a mheall mi
'S i teann le belt-a mòr
Bha sreath de phutain saighdeir innt'
'S iad shine-igeadh mar òr.
'S nuair dh'èireas mi sa mhadainn
Air mo bhracaist bheir mi làmh;
Bhiodh briosgaid chruaidh is bùrn againn
Is smùrag bheag de chàis.
Ach cha b'e sin a chleachd bhith ann
Ach ìm is gruth is bàrr,
'S b' e sin a' bhracaist shòlasach
Bha Leòdhas nam beann àrd.
'S a' knapsack thug iomadh deuchainn
'S iomadh uair a dh'fheuch i mi,
'S i agam air mo ghualainnean
'S i sìos air mo leth taobh.
'S mar b' e dhomhsa riaghailt
'S nach riaraicheadh e rìgh;
Gun striabainn le mo mheuran i
'S gu greusaich cha deigheadh i.