Back

Cha Toir Iain Mòr an Nighean Dhomh / Tha Biodag aig MacThòmais

Lyrics:

Sèist

Cha toir Iain Mòr an nighean dhomh
Cha toir, cha toir, cha toir, cha toir,
Cha toir Iain Mòr an nighean dhomh
Mur toir nach glèidh e fhèin i.

Nighean donn à Sgùlamas
Tha liost o thaobh a cùil oirre,
'S chan eil taobh a thionndas i
Nach tòir a lùbach leum aist'.

Nighean donn a' cheannaiche
Tha shìos an ìochdar Harabul,
Chan eil fear nach mealladh i
Le clannaichead 's le beusan.

Tha biodag aig MacThòmais,
Tha biodag fhada mhòr aig';
Tha biodag aig MacThòmais
'S gur math a dh'fhoghnadh sgian dha.

Sèist

Tha biodag air 's a gliogadaich,
Os cionn bann na briogais aig';
'S na faiceadh tu mar thigeadh e,
Bu mhath a dh'fhoghnadh sgian dha.

Tha bucallan na bhrògan,
Tha bucallan na bhrògan,
Tha bucallan na bhrògan,
'S bu mhath a dh'fhoghnadh iallan.

Tha crios à leathar ròin air,
Tha crios à leathar ròin air,
Tha crios à leathar ròin air,
'S bu mhath a dh'fhoghnadh sìoman.