Chan e Dìreadh a' Bhruthaich
Lyrics:
Chan e dìreadh na bruthaich
Dh'fhàg mo shiubhal gun treòir,
No teas ri latha grèine
Nuair a dh' èireadh i oirnn.
No teas ri latha grèine
Nuair a dh' èireadh i oirnn,
Laigh an sneachd seo air m' fheusaig
Is cha lèir dhomh mo bhròg.
Laigh an sneachd seo air m' fheusaig
Is cha lèir dhomh mo bhròg.
'S gann is lèir dhomh nì 's fhaisge
Ceann a' bhata tha 'm dhòrn.
'S e mo thubhailte m' osan
'S e mo chopan mo bhròg.
'S e mo thaigh mòr na creagan
'S e mo dhaingeann gach fròg.
Ged a cheannaichinn am buideal
Chan fhaigh mi cuideachd nì òl.
'S ged a cheannaichinn seipean
Chan fhaigh mi creideas a' stòip.
'S ged a dh' fhàdainn an teine
Chì fear foille dheth ceò.
'S i do nighean-sa, Dhonnchaidh,
Chuir an iomagain seo oirnn.
Tè gam beil an cùl dualach
O gualainn gu bròig.
Tè gam beil an cùl bachlach
'S a dhreach mar an t-òr.
Dheòin Dhia cha bhi gillean
Riut a' mire 's mi beò.
'S mòr gum b'fheàrr dhut mi agad
Na aon mhac breabadair beò.
Ged nach dèanainn dhut fighe,
Bhiodh iasg is sitheann mud bhòrd.
'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolach,
Anns an aonach 'm bi 'n ceò.
Ann am buthaig bhig bharraich,
'S gun bhith mar rium ach d' fheòil.
Agus pàistean beag leanabh
A cheileadh ar glòir.
'S mì gu snàmhadh an caolas
Airson faoilteachd do bheòil.
Nuair a thigeadh am Foghar
B' e mo roghainn bhith falbh
Leis a' ghunna nach diùltadh
'S leis an fhùdar dhubh-ghorm.
Nuair a gheibhinn cead frìth'
Bhon an rìgh 's on Iarl' Òg.
Gum biodh fuil an damh chabraich
Ruith le altaibh mo dhòrn.
Agus fuil a' bhuic bhioraich
Sìor shileadh feadh feòir.
Ach 's i do nighean-sa, Dhonnchaidh,
Chuir an iomagain seo oirnn.