Back

Chì Mi 'n Tìr

Lyrics:

Chì mi 'n tìr san robh mi nam bhalach,
Tìr nan suinn, Leac a' Lì nam shealladh;
Chì mi 'n tìr san robh mi nam bhalach.

À tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad,
'S i leinn an uair sin tighinn tuath air Scalpaigh.

'S ged 's creagach cruaidh e, cha toir mi fuath dha,
Far bhàrr a' chuain àite 's bòidhche sheallas.

'S ged 's creagach grànd e, an tìr ri h-àireamh,
Chan eil nas àille far bhàrr na mara.

Nam faighinn òrdan a' gheòla lòbhradh,
Gur mi bhiodh deònach ga seòladh dhachaigh.

Chì mi an t-iasgair a' cur nan lìon ann -
Gum b' e mo mhiann bhith sa chiar gan tarraing.

Sin thuirt Eòghainn, 's e tighinn nam chòmhdhail,
"Nach seall thu an Gòbhtaidh fo Shròin na h-Earraidh."

Tha mi fo ghruaimean, on rinn mi gluasad,
'S mi caoidh na gruagaich tha am Bruaich na Caradh.

Nuair thig an Dùbhlachd gum fàg mi an t-Siùna,
'S gum bi mo dhùil dhol le sunnd gum dhachaigh.