Back

Chorra-ghritheach Dhonn

Lyrics:

S e àm na gealaich,
Siud àm na beannachd
Dhut fhèin 's dhomh fhìn;
Bidh lòin nan sgeirean
Gu brèagha soilleir,
Gu sìorraidh bidh.

Sèist

Chorra-ghritheach dhonn,
Na do shuidh air tom,
Trì buille-bacain
'S d' earball os do chionn.

'S e àm na gealaich,
Siud àm na beannachd
Dhut fhèin 's dhomh fhìn;
Gheibh mise gealladh
Is pògan meala
O ghràdh mo chrìdh'.

Ach maoin no mainnir
No pòg na h-ainnir
Chan e mo dhìth,
No ceòl no aighear,
Ach càite am faighear
Leam fois is sìth.

Ri bùth 's ri baile,
Ri ùpraid 's boile
Cùl cuiridh mi;
'S riut thig mi maille,
A shìth a' ghlinne
Snàmhaidh mo chrìdh'.