Back
Clachan Ghlinn Da Ruaidheil
Lyrics:
Sèist
Mo chaileag mhìn-gheal, mheal-shùileach
A dh'fhàs gu fallain, fuasgailt
Gur trom mo cheum on dhealaich sinn
Aig Clachan Ghlinn da Ruaidheil.
Didòmhnaich rinn mi còmhlachadh
Bean òg as mòdhar gluasad,
Tha guth mar cheòl nan smeòraichean
'S mar bhil' an ròis a gruaidhean.
'S ro fhaiceallach na còmhradh i,
Gun sgilm, gun sgleò no tuaileas
Gur flathail coiseachd shràidean i
Air beagan stàit no guaineis.
O 's truagh nach robh mi 's m' àilleagan
Air àirigh 'n cois nam fuar-bheann;
Bu shocair sèimh a chaidlinn
'S i nam achlais air an luachair.