Back

Cnoc a' Mhurain

Lyrics:

Sèist

Smaointinn trom air cùl Cnoc a' Mhurain,
'S gille-brìghde tiamhaidh seo ri ceòl;
Teudan binn a' tarraing m' innntinn sìos na linntean,
Seinn o chian nan cian mu los an sgeòil.

'S iomadh maighdeann bhanail èibhinn rinn ciad suirghe,
'S iomadh fleasgach gasta fhuair a ghealladh-pòst',
'S iomadh deasbad chruaidh chagainn òigridh,
Beò do bhruaichean corrach còir.

Cha till ginealach cho lìonmhor oirnn tuilleadh,
Cha till gàir' air ais mu d' thlachdan a ghràidh,
Cha till fuaim nan duain air an oiteig,
'S truagh e sìoladh le muir tràigh.

Èist ri tagar dòchais gluasad measg nan gillean,
Èist ri misneachd guth na h-òig' a' fasgadh blàth,
Èist ri òrain gaoil a' chòmhlain-òige,
Seinn air leannanachd is gràdh.