Cò th' ann ach Anna mo Nighean / Somhairle agus Màiri Bhàn
Lyrics:
Sèist
Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i na ruith air feadh an taighe,
Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i na ruith air feadh an taighe,
Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i na ruith air feadh an taighe,
Cò ach i, cò ach i, cò ach i air feadh an taighe.
Cò th' ann ach Anna mo nighean ruith gun sgìos air feadh an taighe,
Null 's a-nall a' ruith na deann, 's i fhèin a th' ann is i na cabhaig.
Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i ri mireag feadh an taighe,
Cò ach i, cò ach i, cò ach i air feadh an taighe.
Sèist
Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.
Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.
Somhairle cho meanmnach, aighearach is earbsach,
Bidh e moch is anmoch a' seanchas ri Màiri Bhàn.
Gheibh sinn air an t-Samhain seo banais a bhios ainmeil,
Ach thigeadh Iain Ailein is 's ann aige-san bhios Màiri Bhàn.