Coill' an Fhàsaich
Lyrics:
Ri taobh Coille an Fhàsaich feasgar àghmhor leam fhìn,
Bha na h-eòin air na crannaibh 's iad ri caithream gu binn;
Gu robh sìth air an Eilean fad mo shealladh mun cuairt,
'S bha mo smuaint air mo chàirdean a bha tàmh leam ann uair.
O nach prìseil leam Hàllain sìos gu bàgh na h-Àird Mhòir;
Air a thràigh bha sinn daonnan cheart cho aotrom ri eòin,
Ach a-nis chan eil mànran, fealla-dhà ann no spòrs,
'S far do chluich sinn air leacan an-diugh caidlidh na ròin.
Sìos a deas air an àirde chì mi sgàile de sgleò,
Mar brèid geal air sgaoileadh air bùird aosta MhicLeòid;
'S e na neòil bhith gun ghruaimean a dh'fhàg suain air gach àit',
'S chì mi faileas nam bruachan an ceann shuas Loch a' Bhàigh.
Chì mi cuimhneachan sgrìobhte air an linn nach eil beò
Anns gach tobht' agus gàrradh, gach càrn agus crò,
Anns gach àirigh th' air monadh agus cairidh th' air tràigh,
Nach gabh leughadh le coigreach mun a' chuideachd a dh'fhàg.
Chan eil feum dhomh bhith 'g ionndrainn luchd mo rùin as an uair;
Mar a bha iad, tha sinne, tacan goirid air chuairt;
Ach nach sona mar bha iad rè an làithean gun ghò,
Air bheag chùraim no èislein ann an Eilean a' Cheò.