Back

Crònan Chàrsaig

Lyrics:

Dùin do shùilean, luaidh mo chridh',
Dèan an cadal a ghràidhean,
Dùin do shùilean, luaidh mo chridh'
'S thèid mi don tràigh a-màireach leat.

Càit' 'eil an caisteal a thog thu, a ghràidh?
Saoil thu bheil sgeul air a làrach?
Càit' 'eil na sligean a thrus thu sa bhàgh,
Thall san tràigh bhàin aig Càrsaig?

Dèan thus' an cadal is èirigh tu slàn,
'S thèid sinn le chèile a-màireach
Null thar a' mhachair gu ruig an tràigh bhàn,
'S togaidh sinn caisteal an Càrsaig.

Ealasaid bhòidheach, 's tu luaidh mo chridh',
'S tu mo shaoghal, a phàistein,
'S tusa mo bhruadar nuair bhios mi leam fhìn;
Dèan cadal gu socair an-dràsta.