Back
Cruachan Beann
Lyrics:
Sèist
Cruachan Beann, cruachan Beann,
Cruachan Beann 's mòr mo thlachd dhìot,
Cruachan beann thar gach meall,
'S a chuid allt a' ruith tro ghlacaibh.
Cruachan Beann 's e cho mòr,
Tha e sònraicht' ri fhaicinn;
Chan eil a leithid san Roinn Eòrp',
'S geal a chòta 'n àm sneachda.
Cloinn-an-t-Saoir d' àm bu dual
Bhith nad chluanagan fasgach;
An-diugh chan fhaic mi aon den àl
Gabhail tàmh ann ad thaice.
Soraidh nis le Cruachan Beann,
Leis gach coire, gleann is glacan;
'S e mo dhùrachd Cloinn-an-t-Saoir
A bhith daonnan na thaice.