Back

Cuach MhicIllAnndrais

Lyrics:

Is mise ghabh an t-suaineach
À cuach MhicIllAnndrais
Gur h-iomadh neach a chual' e
Gun d' fhuaradh aig mo cheann i
A liuthad briuthas uaigneach
An d' fhuair mi deoch 's dràm às
'S chan fhaca mi nas bòidhche
Na cuach MhicIllAnndrais.

Oidhche dhomh air allaban
'S mi slaparan sa mhòintich
Chunnacas fear 's eallach air
'S e teannachadh a ròpain
Choisich mi gu furasta,
'S bu mhath leam bhith na chòmhdail
Bha buideal air a chùlaibh
'S e giùlan Mhic an Tòisich.

"'Ille, 's ann a shuidheas sinn
'S gun teannamaid ri seanchas
Bheir mi fhèin mo ghealladh dhut
'S mo bheannachd dhut mum falbh mi
Fuasglaidh mi do chuisleanan
Gu furtachadh do sheanchais
Bheir mi làn na slige dhut
'S cha mhist' thu e san anmoch."

Nuair shuidh sinn aig a' bhuideal
Cha robh guth air luchd na bainnse
Ged bhiodh iad an oidhche sin
Gun choinnlean no gun dannsa
Rìgh, gum b' olc an t-àm ann
An tìmeannan a' gheamhraidh
'S nuair theannadh iad ri m' ghluasad
Bu luath leam bha an t-àm ann.

Nuair thòisich iad ri m' charachadh
Bu ghann gun dèanainn gluasad
Mo ghlùinean làn de ghearanan
Le peirealais na tuaineal
Cha dèanainn car ach sgrìodalan
Le m' ìnean anns na bruachan
Nuair thuit mi na mo chadal
Gun do lathadh leis an fhuachd mi.

Is mise ghabh an t-eagal
Cha bu lugha bh' orm a chùram
Mun dreathan-donn a' feadaireachd
'S gun d' shaoil leam gun robh triùir ann
Nuair chunnaic mi na rionnagan
'S a sheall mi air mo chùlaibh
'S ann choltaich mi iad uile
Ri Cuchulainn 's Dòmhnall MacCrùislig.