Cùlaibh Èirinn
Lyrics:
Sèist
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn,
Tha mi fo chùram air bòrd na h-iùbhraich
Is i gar giùlain a-null don Èipheit;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
An tè bh' aig fuaradh, an uair a bhuail i,
Bha cuid nan suain innt', 's cha d' fhuair iad èirigh;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
Bha glaodh a' bhàis air gach taobh den bhàta
'S mo chridh' gu sgàineadh le cràdh gan èisteachd;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
Chithinn pàirt dhiubh le seacaid àirce:
Bha 'n fhairge làidir 's cha do shàbhail creutair;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
Ach thèid gach cealgair a tha sa Ghearmailt
Chur sìnte marbh, bodhar balbh, gun èirigh;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
Thèid Mussolini chur don a' phrìosan
'S le cromadh cinn cluinnidh e bhinn ga leughadh
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
Thèid croich an òrdan is crochar beò e
'S bidh coin na Ròimh a' toirt fheòil o chèile;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
Gach inneal marbhaidh a bh' aig a' Ghearmailt,
Bha siubhal na fairge is a' falbh nan speuran;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
O, cha dìochuimhnich mi gu sìorraidh
Oidhche Chiadain an Iar air Èirinn;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
'Illean Leòdhais bha daonnan còmh' rium,
Bha Tormod Eòghainn is Dòmhnall Sheumais;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
'S, O Mhic Mhaoilein, gur tric mi smaoineachadh
Air bòidhchead d' aodainn 's do chaolas glè-gheal;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
O 'illean òga, nach tig sibh còmh' rium,
S gun tog sinn tòireachd air chòir an treunas
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.
Tha mi fo chùram air bòrd na h-iùbhraich
Is i gar giùlain a-null don Èipheit;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.