Back

Cumha Iain Ghairbh

Lyrics:

Och nan och 's mi fo lèireadh
mar a dh'èirich don ghaisgeach;
Chan eil sealgair na sìthne
an-diugh am frìth nam beann casa.

Sèist

Hù o ro hò io ro hò hug oireann ò,
Hò a o hù èile e hò
Hù o ro hò io hò bhà
Hò ro bha, hiù ra bhò, hiù o rò,
Hù o rò hò io hò hùg oireann o,
Fàill ill ò laill io hò.

Bha mi uair nach do shaoil mi,
ged is faoin bhith ga agradh,
Gun rachadh do bhàthadh
gu bràth air cuan farsaing.

Fhad 's a sheasadh an stiùir dhith
'S tu air cùl a buill bheairte,
Dh'aindeoin ànradh nan dùilean
Agus ùpraid na mara.

Fhad 's a dh'fhanadh ri chèile
A cuid dhealgan 's a h-acainn,
Is gum b' urrainn dhi gèilleadh
do d' làimh threun air an aigeann.

Ach b' i an doineann bha iargalt
le gaoth à 'n iar-thuath 's cruaidh fhrasan:
Thog i a' mhuir na mill dhùbhghorm
'S smuais i 'n iùbhrach na sadan.