Lyrics:
Tog orm mo phìob is thèid mi dhachaigh
Is truagh leam fhìn mo lèir mar thachair;
Tog orm mo phìob 's mi air mo chràdh,
Mu Ruairidh Mòr, mu Ruairidh Mòr.
Tog orm mo phìob, tha mi sgìth
'S mar faigh mi i thèid mi dhachaigh;
Tog orm mo phìob, tha mi sgìth
'S mi air mo chràdh mu Ruairidh Mòr.
Tog orm mo phìob is thèid mi dhachaigh
Is truagh leam fhìn mo lèir mar thachair;
Clàrsach no pìob cha tog mo chridhe,
Cha bheò fear mo ghràidh-sa, Ruairidh Mòr.