Back

Daolagan Cholaràdo

Lyrics:

S iomadh plàigh a tha san t-saoghal,
'S iomadh call a thig air daoine,
'S iomadh nì tha milleadh ar saoghail
'S a' toirt adhbhar dhuinn bhith cràiteach.

Sèist

Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh,
'N oidhche nochd gu cridheil, coibhneil,
Maille ri maighdeann dhonn na h-àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh.

Tha na daolagan am bliadhna
Feadh gach raon buntàt' ri riasladh;
'S gann gun d'fhàg iad cnap gu biadh dhuinn,
'S cruaidh a dh'fheuch iad sinn len cnàmhan.

Colaràdo fada 'n iar bhuainn
'S ann a dh'àraicheadh na biastan;
Ghluais iad às a' sin gu lìonmhor,
Greis a' sniagail, greis a' snàgail.

Nuair thig grian na madainn bhlàth oirnn
Chan eil àit' nach gabh iad faighinn;
Chì mi falbh iad anns an adhar,
'S bidh an rathad loma-làn dhiubh.

Chan eil meas ac' air lus foille,
No air lus tha fàs sna coilltean;
'S e buntàta biadh an aoibhneis,
Cha bhi loinn às gun bhith làmh ris.

Chomha luath 's a chì iad duilleag
A' fàs suas gu bòidheach, lurach,
Bidh am bus innte gu guineach
'S ithidh iad o bhun gu bàrr i.

Chan ith feannagan dubh nam beann iad,
'S chan eil cearc ann a thig teann orr';
Ged 's math càil a' choilich Fhrangaich,
Seachnaidh e le greann is gràin iad.

Tha iad mèathte, dèante, snaighte,
'S air am druim tha slige bhreac orr',
Cumail dìon orra mar chaisteal,
Slige bhreac à loc cruaidh, làidir.

Ma gheibh mise beagan saoghail
Chithear còmhlaichean mu na raointean,
Nach leum each 's nach leag na gaothan,
'S gheibh na daolagan an sàbh bhuam.

'S iomadh bodach eutrom, somalt'
'S cailleach gharbh tha sgìth a' cromadh,
A' cur cruinn nam biastan sgonnach
Chum an donnadh anns an àmhainn.

'S iomadh òigear làidir, sunndach,
Agus caileag laghach, ghaolach,
A tha sgìth a' cur nan caolan
Às na daolagan le clàran.

Bheir mi dhaibh am puinnsean neartmhor
Tha na Frangaich dhuinn a' cleachdadh;
Uair no dhà a h-uile seachdain
Nì mi 'm peacach gann de nàmhaid.