Dè Nì Mi Gun Lèine Ghlan / Tha Thusa Luaidh, Buidhe Ruadh
Lyrics:
Dè nì mi gun lèine ghlan,
Gun lèine gheal, gun lèine ghlan,
Dè nì mi gun lèine ghlan
'S mi falbh on taigh a-màireach.
Dè nì mi gun lèine ghlan,
Gun lèine gheal, gun lèine ghlan,
Dè nì mi gun lèine ghlan
'S mi falbh on taigh a-màireach.
Tha taigh agam, tha bean agam,
Tha allt aig ceann an taigh agam,
Tha pinnt de shiabann geal agam,
'S mo lèine salach, grànda.
Tha taigh agam, tha bean agam,
Tha allt aig ceann an taigh agam,
Tha pinnt de shiabann geal agam,
'S mo lèine salach, grànda.
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair,
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair.
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair,
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair.
Tha thusa buidhe, tana, buidhe, odhar, buidhe, liathghlas,
Thusa buidhe, tana, buidhe, odhar, buidhe, liathghlas.
Tha thusa buidhe, tana, buidhe, odhar, buidhe, liathghlas,
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair.