Dèan Cadalan Sàmhach
Lyrics:
Sèist
Dèan cadalan sàmhach a chuilein mo rùin,
Dèan fuireach mar tha thu 's tu an-dràsta an àite ùr;
Bidh òigeirean againn làn beairteis is cliù,
'S ma bhios tu nad airidh 's leat feareigin dhiùbh.
Gur ann an Ameireagaidh tha sinn an-dràst'
Fo dhubhar na coille nach teirig gu bràth;
Nuair dh'fhalbhas an dùbhlachd 's a thionndaigh's am blàths,
Bidh cnothan, bidh ùbhlan 's bidh an siùcar a' fàs.
'S ro bheag orm fhèin na daoine seo th' ann
Len còtaichean drògaid, ad mhòr air an ceann,
Lem briogaisean goirid 's iad sgoilte gum bainn,
Chan fhaicear an t-osan - 's i bhochdainn a th' ann.
Tha sinne nar n-Innseanaich cinnteach gu leòr,
Fo dhubhar nan craobh cha bhi h-aon againn beò;
Madaidh-allaidh is bèistean ag èigheach 's gach fròg,
Gu bheil sinne nar n-èiginn bhon latha thrèig sinn Rìgh Deòrs'.
Thoir mo shoraidh le fàilte Chinn Tàile nam bò
Far an d'fhuair mi greis m' àrach 's mi am phàiste beag òg,
Bhiodh fleasgaichean donn' air am bonnaibh ri ceòl,
Is nìonagan dualach 's an gruaidh mar an ròs.
An toiseach an fhoghair bu chridheil ar sunnd,
Am fiadh as an fhireach, 's am bradan à grunnd,
Bhiodh luingeas an sgadain a' tighinn fo sheòl,
Bu bhòidheach an sealladh 's fir dhonn air am bòrd.