Deoch Slàinte nan Gillean
Lyrics:
S tha 'n Ariel bhòidheach gar feuchainn aig seòladh
Airson a bhith còmh' rinn 's bu chòir dhi bhith ann;
Ach le mheud 's fhuair thu dh' fhòghlam an toiseach do thòisich,
Gun bheat thu iad còmhla 'n àm crosadh na Line.
'S i ghearradh an fhairge mar shiosar air caimrig,
'S bha Chinaman mailidheach na dhealbh air a sròin;
'S i thàirngeadh an t-sùrdag air bhàrr nan tonn dùbhghorm,
Mar fhiadh anns a' bhùireadh air chùl nam beann mòr.
'S nuair a chroch thu cuid aodaich am bàrr a cruinn chaola,
'S i dh'fhalbh gu h-aotram mar fhaoileag nan tonn;
Gaoth-tuath 's i na frasan mar luaidhe ga sadadh,
'S bha fuaim aig a darach 's i sgapadh nan tonn.
'S nach gabh sinn an t-òran a rinneadh do Dhòmhnall
Bhon bha thu cho fòghlaimt' air seòladh nan long:
Choisinn e an t-urram à China gu Lunnainn
'S gur feàrr leam na m' uile gun bhuidhinn e 'n geall.