Back
Dh'èirich Mi gu Moch Ro latha
Lyrics:
Sèist
'S ò illean àidh ò, ò,
Chall àidh iùraibh ò ho
Illean àidh ò, ò ho.
Dh'èirich mi gu moch ro latha,
Thug mi gu siubhal nan gleannaibh.
Thug mi gu siubhal nan gleannaibh,
Thachair Dòmhnall rium na dheannaibh.
Thachair Dòmhnall rium na dheannaibh,
E ri fiadh o bheinn gu baile.
E ri fiadh o bheinn gu baile,
As a' sin gu beul na mara.
As a' sin gu beul na mara,
Dh'iarradh e luaidh clàr is salainn.
Dh'iarradh e luaidh clàr is salainn,
Bàta gus dhol dha na Hearadh.
Bàta gus dhol dha na Hearadh,
Sgiob' a bh' innt' air cheathrar fearaibh.
Sgiob' a bh' innt' air cheathrar fearaibh,
Chuireadh i 'ro chuan dha h-aindeoin.