Back

Dh'fhalbh mo Leannan Fhèin

Lyrics:

Sèist

Dh'fhalbh mo leannan fhìn,
Dh'fhalbh mo chèile lurach,
Misneach mhath na dhèidh,
Dhomh-sa b' èiginn fuireach
Dh'fhalbh mo leannan fhèin.

Nuair a thog thu siùil,
Bha mo shùil a' sileadh;
Dhut-sa ghuidh gach beul
"Slàn gun dèan thu tilleadh."
Dh'fhalbh mo leannan fhìn.

Tha mi ghnàth gad chlaoidh,
'S mi gam chlaoidh le fadal;
Bhon a sheòl thu rùin,
Tha mo shùil gun chadal.
Dh'fhalbh mo leannan fhìn.

Thàinig sgeul gu tìr
Leòn mo chridh' mar shaighead,
Gun robh thusa luaidh,
'N grunnd a' chuain nad laighe.
Dh'fhalbh mo leannan fhìn.