Dhèanainn Sùgradh Ris an Nighinn Duibh
Lyrics:
Sèist
Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh,
'n dèidh dhomh èirigh anns a' mhadainn,
Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh.
Dhèanainn sùgradh ris a' ghruagaich
Nuair a bhiodh a' sluagh nan cadal.
Dhèanainn sùgradh an àm dùsgaidh
'N àm na siùil a bhith gam pasgadh
'S ann Diluain an dèidh Didòmhnaich
dh'fhalbh sinn le Seònaid à Arcaibh.
Bha muir gorm a' ruith fo cuinnlein,
's i cur still à grunnd an aigeil.
Riof ga ceangal 's riof ga fuasgladh
muir mu gualainn, fuaim is fead oirr'.
Null mu chaolas na Ròimh
B' fheudar dhuinn am bòm a laiseadh.
Null mu chaolas na Fraing
Maide na làimh 's gaoth ga ghreasad.
Cha robh ròp a feum a splaidhseadh
Air mo mhaighdeann ri tighinn dhachaidh.
Dh'fheumadh pòrsan thighinn à bùth dhi
Ged a bhiodh e crùn an cairteil.
Ged a bhiodh e crùn an òirleach
Dh'fheumadh pòrsan dheth thighinn dhachaidh.