Back

Dilidh ò Iodalam

Lyrics:

Dilidh o iodalam
Deur chan eil sa phig' agam
Dilidh o iodalam
Deur cha robh riamh ann
Dilidh o iodalam
Bheil deur idir, idir ann
Dilidh o iodalam
Deur cha robh riamh ann.

'N cuala sibh mu Dhòmhnall Òg
Bha e còir 's sgiobalta
'N cuala sibh mu Dhòmhnall Òg
Bha e còir 's bòidheach
'N cuala sibh mu Dhòmhnall Òg
Bha e còir 's sgiobalta
Sgiobalta bha Dòmhnall Òg
Leis an t-seana chòta.

Dilidh o iodalam...

Nuair a thèid Dòmhnall leis an t-sliabh
'S fiadhaich a ruitheas e
Nuair a thèid Dòmhnall leis an t-sliabh
'S fiadhaich e dh'fhalbhas e
Nuair a thèid Dòmhnall leis an t-sliabh
'S fiadhaich a ruitheas e
Dòmhnall cho luath ris an fhiadh
Agus aona bhròg air.

Dilidh ò iodalam...

Nuair a thèid Dòmhnall dhan taigh-òst'
Dh'òladh e na pigichean
Nuair a thèid Dòmhnall dhan taigh-òst'
Dh'òladh e gu fiadhaich
Nuair a thèid Dòmhnall dhan taigh-òst'
Dh'òladh e na pigichean
Cha d' fhuair Dòmhnall riamh a leòr
Gu ruigeadh a mheur air.

Dilidh ò iodalam...