Back

Dìreadh ’s a’ Teàrnadh nam Bealaichean

Lyrics:

Dìreadh 's a' teàrnadh nam bealaichean
Hòro 's aigeannach mi
'S ged rachadh an saoghal gu gearan
Cha leiginn-sa smal air mo chridh'.

'G imeachd gun solas, gun soills'
Fo dhubhar nan coilltean leam fhìn
'S chan fhaic mi le dorchad na h-oidhche
Ach dealan a' sileadh tron speur.

Cluinnidh mi fairge ri borbhan
'S co-fhreagairt ri torman nan dos
Cluinnidh mi braoilich nan aibhnean
Co-fhreagairt ri raoiceil nan eas.