Back

Disathairne Ghabh Mi Mulad

Lyrics:

Disathairne ghabh mi mulad
Na haori hiù a haori hiù a
'S ann Diluain a rinn mi 'n tuaiream.
Na hao rì a bhó holibho
Hì o challa bhi rì a bhi hiù o hu a

'S ann Diluain a rinn mi 'n tuiream
Dùnadh na sùl a bha lurach
Càradh mun bheul a bha cuimir
Càradh na siùil ris a' churaigh
'S a' seòladh gu Tìr a' Mhurain
Far an cluinnte fuaim na tuinne
Fuaim na gaoithe ris an uinneig
Fuaim an t-siabain ris a' mhuran
Fuaim nan calltainn ris a' chuileann

Chuir Seumas duine gam ghlacadh
Ma chuir is beag a ruigeadh e leas sin
B' ionraic a' mhèirle fhuaras agam
Gruagach òg an cirb mo bhreacain
Iseabail dhonn a' chùil chleachdaich
'S guirme sùil na driùchd na maidne
'S deirge gruaidh na cuach air chrannaibh
'S gile taobh na faoileann mhara
Ach nam faighinn siud air m' fhacal
Dà reug a ghillean tapaidh
Ceathrar air chuairt agus caiftean
Bhithinn-s' an Dùn Tuilm mun caidlinn
'S dh'fhàgainn Seumas Donn gun astar
'S a mhuime gun chèile dalta
'S a mhnaoi òg gun stèidh gun tacsa

Ochóin a chiall, mo thriall dhachaigh
Gu baile bòidheach a' chlachain
Far an d' fhuair mi òg m' altram
Air bainne fial 's air fìon frasach