Dol do dh'Uibhist
Lyrics:
Ho ro leannain nach tiugainn sibh leamsa?
Rachamaid tacan a dh'fhaicinn ar dùthcha;
Gheibh sinn an t-aiseag air bàta na smùide
Leagail ar cùrsa air Innis nan Bò.
Fhuair sinn dhan charbad a dh'fhalbhadh gu h-uallach
Nochd e ri Grianaig is bial Abhainn Chluaidh leinn;
Dh'èirich mo chridhe ri mullach nam fuarbheann
'S ann san taobh tuath a thogadh sinn òg.
Seachad Loch Laomainn gum b' èibhinn an sealladh,
Bha còisir sa choill ann a' seinn air na meangain;
Bha smeòrach nan geug ann a' gleusadh le caithream
Gun teud ann am baile bheir dheth e gu ceòl.
A' dìreadh ri Raineach tha sealladh air aonadh
Na beanntainean àrda mar gheàrd air gach taobh dheth;
Dh'ùraich mo chàileachd ri fàileadh an fhraoich
'S bha osag na gaoith' thar choille nan cnò.
Tro bheanntainean binneanach, bideanach, stùcach
Creaganach, carraigeach, cam-alltach, lùbach;
Glas-ghlacach, cas-leacach, bras-uisgeach siùbhlach,
Glan, ruidhteach, cùbhraidh, fallain ri òl.
Seachad Loch Abar thig seallaidhean ùr' oirnn;
Chì sinn Beinn Nibheis 's i nis air ar cùlaibh;
Choisinn a mullach dhi urram a' chrùin
'S i fad os ar cionn a' falach sna neòil.
Aig Ceann Locha Mùideart gur sunndach ar n-aigne,
'S an carbad gar giùlan a dh'ionnsaigh a' chladaich;
Gur goirid an ùine gun dhlùth i ri Mallaig;
Tha fàileadh na mara 's e cheana fom shròin.
Fàgaidh sinn Mallaig air bàta na smùide
'S fhad' o là b' aithne dhomh rathad na h-iùbhraich,
Cuiridh i eilein beag Eig' air a cùlaibh;
Sgoiltidh i Rùm is Eilean a' Cheò.
Seachad Ceann Chanaigh a' gearradh nan cuaintean
Sìoban na mara na shad thar a guailleadh;
Togaidh sinn Barraigh thar bearradh nan stuadh
'S gum faic sinn a tuath air Uibhist nam Bò.
O Uibhist nan àrdbheann, mo ghràdh riut bhith tilleadh,
Do cheanglaichean làidir a' sàs ann am chridhe;
'S e dùthaich an àigh anns na dh'àraicheadh mis' thu
'S chan fhàgainn thu idir mur bithinn gun dòigh.
O Uibhist bheag, bhraonach, bidh gaol aig gach neach ort,
A dhìrich ri d' aonach no shaothraich air d' achadh;
Ged shiùbhlainn an saoghal 's e ghlaodhainn "mo dhachaigh" ris,
Dùthaich Mhic Ailein, tìr mhaiseach an eòrn'.
Nuair ruigeas mi 'n cidhe cha bhi mi fo ghruaimean
Coinnichidh a' fichead a thig on taobh tuath mi;
"Tha thu air tilleadh, a Mhic Aonghais Ruaidh,
Nach tiugainn sinn suas gum faigheamaid stòp."